Trinity Factors - Home page


Accommodation


 

 

Loch Portain House

 

An Taigh Boighreach

antaigh.jpg (12756 bytes)

introduction

 

Tigh Lochportain, Uibhist A'Tuath
Tigh cloiche le leabanan do sheachdnar

Teisteanas bord turusachd na -h-albainn: 3

Aig aon am bha an tigh chloiche tlachdmohr seo na Mhansa airson baile croitearachd agus iasgaich Lochportain. Tha am baile naoi mie bho Loch na Madadh, priomh bhaile an eileain. Seo far am faighear an aiseag. Tha'n tigh air a pheantadh gu breagha agus tha gach goireas na bhroinn. Chithear sealladh iongantach a-mach tarsainn nam bagh agus cuideachd tarsainn na mointeach gu Loch t-Sagairt, loch le clui eadar-naiseanta. Chan eil an tigh ach cairteal na h-uaireach ann an car bho thraigh eireachdail, shamhach. Tha cothrom miorbhuileach ann airson coiseachd, iasgach bhradain aig am bheil clui air feadh an t-saoghail, bric gheal agus ruadh airson iasgach, eunlaith agus cuideachd cothrom a dhol air thurus gu eileanan eile, nan luib, Eilean Bhearnaraigh (far an deach am Prionnsa Tearlach air thurus dhiomhar).Tha cothrom miorbhuileach ann airson eunlaith a coimhead aig raon eion an RSPB am Baille Raghaill. Gheibhear tuileadh fiosrachaidh mun iasgach bho'n oifis eos. That cothrom ann faisg air laimh airson abseiling, spors uisge, agus daibheadh. Tha beathaichean a tha cleachte rith taighean ceadaichte.

Am broinn an taighe: seomar suidhe, seomar ithe, cidsean leis gach goireas, tigh beag le shower, agus tri seomair cadail thlachdmhor - aonj rum le lebaidh mhor agus da rum le da leabaidh. Tha leabaidh eile ann a ghabhas pasgadh. Tha Oifis a Phuist agus buth bheag mile air falbh agus tha tigh osda agus Banca na h-Alba naoi mile air falbh ann an Loch na Madadh. Tha van na bhutha a'tadhal gach Diardaoin.

click images to enlarge

Seo goireasan an taighe:

Teine mione, goireasan teasachaidh dealain agus gas

Tha cosgais na moine, an dealain agus an gas sa mhal

Tha aodach na leaba agus na dubhailtean an asgaidh

Garaids airson aon char agus rum airson coig eile a muigh

Teilebhisean * Stereo * Fon

Microwave * Uidheam nighe agus tioramachaidh * Freezer

Garadh le seuthraichean agus barbeque

Tha cot agus seuthar chloinne ri fhaotainn asgaidh

Feumar ordan a chuir a'stigh airson a chot agus seuthar na cloinne mus ruig sibh. Chan eil aodach leaba ann airson a chot. Tha peataichean ceadaichte - ach innseabh dhuinn mun deidhinn an toiseach. Mar thomhas air cosgais: Ceithair latha sa gleamhradh - £132, mios sa gheamhradh - £500, agus tha seachdainn samhraidh bho £268. Tha VAT a'luib nan cosgaisean seo.

Gheibhear tuilleeadh fiosrachaidh bho:-

Trinity Factoring Services Limited
209/211 Bruntsfield Place
Edinburgh
EH10 4DH

Aireamh Fon: 0131 447 9911

Ma tha sibh a'fonadh bho thall thairis +44 131 447 9911

Aireamh Fax: 0131 452 8303

 

ATB main text

click images to enlarge

ATP features

 

footer



 


About Us | Property Management | Residential Lettings | Insurance | Estate Agency | Shops, Office and Garages
Hebridean holiday cottages | Timeshare Resales | Employment Opportunities | TFS in the community

Home Page :: Contact :: Call Back